Skip Navigation

Fàilte

Caolas an Scarp

Eadar na tràighean de ghainmheach ghil agus na h-uisgeachan gorma gu na mòintich fharsaing còmhdaichte le fraoch, tha eileanan Innse Gall a’ tabhann àrainneachd far am faigh daoine air fois a ghabhail airson a bhith ag obair ann, a bhith a’ fuireach ann agus dòigh beatha a tha air leth a bhith aca.

‘S e àite beòthail agus dùbhlanach a tha seo far am bi coimhearsnachdan agus buidhnean poblach ag obair gu dlùth le chèile gus àrainneachd shàbhailte a sholar, a bhios a’ tabhann sheirbheisean de shàr chàileachd, agus cothroman a bhith a’ mealtainn ar cultar beairteach Gàidhlig.

Leis gu bheil itealain a’ tighinn ’s a’ falbh seachd latha san t-seachdain gu Inbhir Nis, Dùn Èideann, Obar Dheathain is Glaschu, is cothrom farsaing air a’ bhann-leathann, tha e a’ ciallachadh nach robh e a-riamh cho furasta a bhith a’ còmhnaidh ’s a bhith ag obair sna h-eileanan.

Tuilleadh mu Chomhairle nan Eilean Siar

Features

Link to EARTH HOUR, 27th March 2010

 

Page Last Modified : 17/03/2010 14:34:34