Stòras Gàidhlig
Ro-ràdh
Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
Tha Gàidhlig na pàirt chudromach de chultar agus dualchas Innse Gall agus tha Comhairle nan Eilean Siar daingeann ann a bhith ga brosnachadh agus ga leasachadh.
Tha làrach-lìn na Comhairle a-toirt cothrom taisbeanaidh air an iomadach taobh den obair a tha dol air adhart. Tha a’ Chomhairle cuideachd fo chùmhnant gluasad gu làrach-lìn dà-chànanach, nuair a cheadaicheas suidheachadh an ionmhais.
Aig coinneamh de Foram Cànan agus Cultar na Gàidhlig air Diluain 4 Damhair 2004, dh'fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar am poileasaidh Gàidhlig ath-sgrùdaichte aca. Tha am poileasaidh a' mìneachadh rùintean agus amasan na Comhairle a-thaobh cleachdadh agus leasachadh a' chànain.
'Se amas a' phoileasaidh anns an fharsaingeachd gum bì na h-Eileanan an Iar na coimhearsnachd dhà-chànanach far a bheil an aon ùghdarras aig a' Ghàidhlig agus a' Bheurla mar mheadhanan conaltraidh.